Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fìobha

Tha balach, trì bliadhna de dh'aois, air bàsachadh às dèidh do thractar bualadh ann ann am Fìobha. Thachair an tubaist feasgar an-dè ann am baile Crossgates. Tha na Poilis a' sgrùdadh.

Cion-cosnaidh

Chaidh an àireamh de dhaoine a tha a' sireadh obrach an Alba suas 3,000 sna trì mìosan mu dheireadh de 2016. Tha an àireamh a-nis aig 135,000. Tha àireamhan cion-cosnaidh dìreach fo 5% - beagan nas àirde na Breatainn gu lèir. Ach tha an àireamh de dh'Albannaich a tha ag obair suas 8,000.

Trump

Tha cuideam a' sìor fhàs air riaghaltas Dhòmhnaill Thrump rannsachadh nas fharsainne a chur air dòigh air an deach na Ruiseannaich an sàs ann an taghadh a' Chinn-Suidhe. Tha seo a' tighinn agus Mìcheal Flynn, a dh'fhàg a dhreuchd mar chomhairliche air tèarainteachd nàiseanta, air a bhith a' dìon mar a bha e ga ghiùlain fhèin. Dh'aidich e gun tug e fiosrachadh nach robh ceart dhan Leas-Cheann-Suidhe Taghte, Mike Pence, nuair a dh'innis e dha nach do bhruidhinn e ri tosgaire na Ruis mu smachd-bhannan an aghaidh na dùthcha.

Kim Jong Nam

Chaidh boireannach a chur an grèim co-cheangailte ri bàs leth-bhràthar cheannard Choirea a Tuath. Bhàsaich Kim Jong Nam an-dè ann am prìomh bhaile Mhailèisia, 's coltas ann gun deach a phuinnseanachadh. Chaidh am boireannach a chur an grèim anns a' mhadainn an-diugh.

CalMac

Tha figearan ùra bho ChalMac a' sealltainn gun tàinig lùghdachadh còrr air 20% air an àireamh de charbadan coimearsalta a bha a' cleachdadh na seirbheis eadar Malaig agus Armadal. Thàinig lùghdachadh 15% air busaichean. Tha seo a' tighinn agus mì-thoileachas anns an sgìre mu cho tric 's a tha seirbheisean air an cur dheth agus diofar bhàtaichean an dèidh a bhith a' frithealadh na seirbheis. Anns an fharsainneachd chleachd còrr air 5,000,000 neach na seirbheisean aig CalMac air feadh na dùthcha an-uiridh.

Rolf Harris

Bidh Rolf Harris anns a' chùirt a-rithist is ceithir casaidean feise na aghaidh. Dh'aidich e gun robh e ciontach de dh'aonan. Sin ionnsaigh dhrabasta. Tòisichidh a' chùis ùr anns a' Chèitean.