Dragh mu chìsean pàrcaidh ann am Muile

Creag an Iubhair Image copyright M J Richardson / Geograph

Chuir Comhairle Coimhearsnachd Mhuile gu làidir an aghaidh phlanaichean gus cìsean pàrcaidh ùra a stèidheachadh anns an eilean.

Mar a tha cùisean an-dràsta, chan eil cosgais ann 'son nan raointean pàrcaidh ann an Tobar Mhoire, Creag an Iubhair is Fionnphort a chleachdadh.

Tha dùil gun tèid cìs a stèidheachadh an ceartuair ann am Fionnphort, ge-tà, is tha cosgais ann dha raon pàrcaidh bheag air cùl oifis ChalMac ann an Creag an Iubhair.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nise a' meòrachadh air na cìsean a chur an sàs air feadh an eilein.

Thathas a' tuigsinn gun tug iad a-steach £440,000 an-uiridh ann an cìsean pàrcaidh ann an sgìre Latharna is nan Eilean.

Sònraichte

A rèir Coimhairle Coimhearsnachd Mhuile ge-tà, tha suidheachadh sònraichte san eilean a' fàgail nach bu chòir na cìsean a stèidheachadh.

Tha dragh orra gu sònraichte mun raon ann an Creag an Iubhair.

Thuirt iad gum bi tòrr dhaoine a' fàgail an cuid chàraichean aig Creag an Iubhair agus a' siubhal air an aiseig dhan Òban.

Dh'fhaodadh cosgaisean mòra a-nise tighinn orra, thuirt a' Chomhairle Coimhearsnachd.

Thog iad dragh cuideachd gur dòcha gun tòisich daoine air na càraichean aca fhàgail ri taobh an rathaid gus na cìsean a sheachnadh, rud a dh'fhaodadh duilgheadas adhbharachadh.

Thathas a' tuigsinn gun dèan comhairlichean Mhuile strì an aghaidh nam molaidhean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile