Obraichean gus falbh an Inbhir Nis

Cunntas Image copyright Thinkstock

Dh'innis a' chompanaidh chunntais EY gu bheil iad gus 35 obraichean a ghearradh aig an oifis aca ann an Inbhir Nis.

'S e sin an darna leth de na obraichean a th' aca uile gu lèir ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Thuirt a' chompanaidh, air an robh Ernst and Young bho thùs, gu bheil iad a' gluasad chuid de na seirbheisean aca gu pàirtean eile den dùthaich.

Dh'innis iad gu bheil co-chomhairle air tòiseachadh le luchd-obrach agus gum faodadh cothroman cosnaidh eile a bhith ann 'son luchd-obrach le sgilean sònraichte.

Dhearbh iad nach toir na h-atharrachaidhean buaidh air an sgioba aca ann an Inbhir Nis a tha a' dèiligeadh ri gnothaichean cìse.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile