Spadadh nan gèadh

Geòidh ghlasa

Thòisich a' chuairt mu dheireadh de sgeama spadaidh nan gèadh glasa ann an Leòdhas is na Hearadh.

Tha an sgeama air a bhith a' ruith trì bliadhna, 's e air a riaghladh le buidheann-stiùiridh ionadail, le taic bho Dhualchas Nàdair na h-Alba.

Thathas ag amas air lùghdachadh mòr a thoirt air àireamh nan gèadh 's iad a' milleadh an ionaltraidh agus a' salachadh an fheòir.

Bidh cead aig luchd-gunna losgadh air geòidh air fearann far a bheil sin ceadaichte suas chun a' 15mh là den Ghiblean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo