Bàs obann ann an Inbhir Nis

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm às dèidh bàs obann ann an Inbhir Nis Diardaoin.

'S e ball den phoball a fhuair an duine, gun mhothachadh, air a' chabhsair faisg air Taigh-òsta an Heathmount.

Dhearbh na seirbheisean èiginn gun robh an duine air bàsachadh.

Tha na Poilis an dùil nach eil càil amharasach mu bhàs an duine, is iad fhathast a' feuchainn ri lorg fhaighinn air an teaghlach aige.