Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Teintean

Dh'innis na Poilis gun do bhàsaich fireannach ann an teine ann an taigh ann an Uibhist an-raoir. 'S ann an Cill Donnain a tha an taigh a chaidh na theine, agus cha robh duine eile a' fuireach ann.

Bhàsaich fireannach, 88, ann an teine an Inbhir Losaidh feasgar an-dè. Thuirt na Poilis nach eil càil amharasach mu dheidhinn.

Larkhall

Bhàsaich fireannach às dèidh tubaist-rathaid ann an Larkhall Disathairne. Bha Calvin Mac an Tòisich, 19, ann an tubaist le càr eile air Rathad Inbhir Àir.

Buidseat na Gàidhealtachd

Tha dùil gun aontaich comhairlichean na Gàidhealtachd ri gearraidhean de chòrr is £20m aig coinneimh den Làn-Chomhairle an-diugh. Tha a' bhuidheann-riaghlaidh cuideachd airson a' chìs chomhairle a chur suas 3%. Ach a dh'aindeoin sin thèid còrr is 100 dreuchd làn-ùine a chall. Uile gu lèir tha seachd comhairlean a' co-dhùnadh an-diugh mu dheidhinn na cìse comhairle. Tha dùil gun tèid a' chìs a reothadh aig dà chomhairle far a bheil na Làbaraich a' riaghladh - Ceann a Deas Shiorrachd Lannraig agus Inbhir Chluaidh.

Malairt Dhaoine

Chaidh ceathrar eile a chur an grèim co-cheangailte ri malairt dhaoine às dèidh rèidean ann an Govanhill an t-seachdain a chaidh anns an deach còignear a chur an grèim. Chaidh ceathrar fhireannach eadar 23 agus 40 bliadhna de dh'aois a chur an grèim ann an Slobhagaidha.

Bhiotamin D

Tha luchd-saidheans ann an Lunnainn ag ràdh gum faodadh bhiotamin D còrr air trì millean duine am Breatainn a dhìon bhon chnatan agus am flù gach bliadhna. Tha aithisg anns a' BhMJ ag ràdh gum bu chòir bhiotamin D a chur ann am biadh. Thuirt NHS na h-Alba gum bu chòir do dhaoine le dìth bhiotamin D pilichean leis a' bhiotamin a ghabhail.

Tuath-gaoithe Ghabhsainn

Tha an tuath-gaoithe air Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas air a bhith a' dèanamh nas fheàrr na bha dùil anns a' bhliadhna a chaidh seachad. Bheir sin beagan a bharrachd airgid do phròiseactan coimhearsnachd agus dha daoine a cheannaich earrainnean anns an tuath-ghaoithe. Ach tha pròiseactan eile a tha a' chompanaidh chumhachd Urras Energy ag iarraidh a chur air adhart an urra ri càball dealain fhaighinn gu Tìr-Mòr.