Cìs Comhairle na Gàidhealtachd ga cur suas 3%

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha comhairlichean Gàidhealach air aontachadh a' chìs chomhairle àrdachadh 3%

Tha comhairlichean Gàidhealach air aontachadh a' chìs chomhairle àrdachadh 3%.

Togaidh an t-àrdachadh sin còrr is £3.5m dhaibh.

Tha gearraidhean mòra anns an amharc aig a' Chomhairle 's aca ri £20m a chùmhnadh ann an 2017/18.

Tha iad air cuid de na gearraidhean sin a chomharrachadh mar-thà, ach tha beàrn de cha mhòr £10m ann fhathast.

Am measg nan atharrachaidhean a thig, thèid ionad cùraim faochaidh Stafainn a ghluasad a Phort Rìgh, thig lùghdachadh air a' bhuidseat airson na sràidean a ghlanadh agus thig gearradh air seirbheis gearradh an fheòir.

Uallach a bharrachd

Uile gu lèir theid còrr 's 120 dreuchd làn-ùine a ghearradh am-bliadhna.

Chaidh cead a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd, còmhla ris na h-ùghdarrasan ionadail eile ann an Alba, an co-dhùnadh aca fhèin a ghabhail air ìre bhunaiteach na cìse comhairle àrdachadh suas ri 3%.

Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gum bi uallach a bharrachd air an luchd-obrach a th' air fhàgail agus gum fulaing slàinte dhaoine ri linn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile