Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tony Blair

Thuirt Tony Blair gu bheil Breatainn ann an cunnart a dhol "leis a' chreig" air sgàth Brexit. Bha e ag ràdh ann an òraid an-diugh nach robh fhios aig daoine dè dha-rìribh a bhiodh Brexit a' ciallachadh nuair a bhòt iad airson an EU fhàgail an-uiridh. Bha e cuideachd ag ràdh gu bheil argamaidean "nas creideisiche" airson neo-eisimeileachd na h-Alba às dèidh na bhòta.

Paige Doherty

Shoirbhich le ath-thagradh an duine a mhuirt an deugaire Paige Doherty ann am Bruach Chluaidh gus binn prìosain nas giorra fhaighinn. Bha an luchd-lagha aig John Letham, 32, ag argamaid gun robh a bhinn ro fhada. Chaidh a bhinn a ghearradh bho 27 bliadhna, gu 23 bliadhna.

Uibhist

Dh'ainmich na Poilis am fireannach a chaidh a mharbhadh ann an teine ann an taigh an Cill Donnain ann an Uibhist a Deas. Lorg luchd-smàlaidh Uilleam Hanks, 83, na dhachaigh oidhche Chiadain. Tha na Poilis agus luchd-smàlaidh a' sgrùdadh dè a dh'adhbharaich an teine.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid còrr air ceud cosnadh a chall aig Comhairle na Gàidhealtachd agus £20m ga ghearradh far buidseit an ùghdarrais. Dh'fhaodadh gun tèid ochdnar de luchd-obrach na Comhairle an dàrna cuid a ghluasad gu dreuchdan eile, no a phàigheadh dheth an aghaidh an toil. Thèid cur às do dhà dhreuchd maoir-dhùthcha aig a' Chomhairle, agus an t-seirbheis ga gluasad fo sgèith na buidhne High Life Highland.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Foillsichidh Bòrd na Gàidhlig plana nàiseanta ùr na Gàidhlig an Glaschu feasgar an-diugh. 'S e seo an treas plana nàiseanta a th' air a bhith ann. Bidh co-chomhairleachadh poblach trì mìosan ann a-nis is cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad air a' phlana.

An M8

Tòisichidh obair mhòr air an M8 ann an Siorrachd Lannraig a Tuath aig 8:00f a-nochd. Mairidh an obair, faisg air Bailieston Interchange, deich seachdainnean, agus thèid maill mhòr a chur air trafaig.

Cameron Logan

Tha an leannan aig duine a bhàsaich ann an teine aig dachaigh a phàrantan ann am Muileann Dhàibhidh an dèidh a bhith a' dèanamh luaidh air, agus an tiodhlacadh aige ann an-diugh. Chaidh Cameron Logan, 23, a mharbhadh ann an teine air Là na Bliadhna Ùire. Tha a bhràthair, Blair Logan, fo chasaid gur e a mhuirt a bhràthair agus gun do dh'fheuch e ri Rebecca Williams a mhurt cuideachd. Chaidh a droch ghoirteachadh agus bha i greis san ospadal. Thuirt Rebecca Williams an-diugh gun tug Cameron toileachas do mhòran dhaoine agus gun robh gaol mòr aice air.