Dragh mu fhiaclaireachd am Muile

Fiaclaireachd Image copyright PA

Tha dragh ann am Muile mu na thachras do sheirbheis fiaclaireachd an eilein.

Leigidh fear de dh'fhiaclairean Mhuile dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos agus thuige seo chan eil duine air ùidh a nochdadh ann a bhith a' gabhail thairis bhuaithe.

Tha daoine ann an ceann a deas an eilein gu h-àraid iomagaineach.

Bhiodh am fiaclair a' tadhail air sgìrean iomalach mar Ros Mhuile ann am bhana, agus mura lean an t-seirbheis sin bidh aig daoine ri dhol suas ri 100 mìle ann 's air ais airson fiaclair fhaicinn ann an Tobar Mhoire.

Là Slàn

Chan eil ach aon fhiaclair, agus neach eile a tha ag obair pàirt-ùine, a tha ri fiaclaireachd ann am Muile agus Ìdhe air fad.

"Tha seirbheis uabhasach math air a bhith againn," thuirt Elanor NicDhùghaill, à Fionnphort.

"Bhiodh am fiaclaire, Mgr Price, a' tighinn mun cuairt ann am bhana an fhiaclaire, agus bhiodh e a' tadhail air na bailtean beaga.

"Bhiodh e ann am Fionnphort greis 's dòcha, agus an uair sin ann am Bun Easain.

"Dh'fhaodadh tu a dhol dhan fhiaclair anns na Ros fhèin. Bha sin gu math goireasach do dhaoine," thuirt i.

Bidh bhana an fhiaclaire cuideachd a' tadhail air na sgoiltean, agus tha dragh ann mu na thachras ma thèid an t-seirbheis sin a ghearradh.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air sanas a chur a-mach airson fiaclaire, air cùmhnant 6-12 mìos.

"Saoilidh mi gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ris an aon rud a dhèanamh le fiaclairean 's a rinn iad le dotairean teaghlaich," thuirt Comhairliche an Eilein, Màiri Sine Devon.

"Sin ionadan neo-eisimeileach a bhith ann.

"Saoilidh mi, a' tighinn gu eilean, agus tha mi fhèin air fuireach ann an eilean o chionn iomadh bliadhna, bidh thu a' smaoineachadh gu domhain mu dheidhinn.

"Chan eil thu a' dol a ghluasad a h-uile rud a th' agad gu eilean airson 6-12 mìos.

"Feumaidh dearbhadh a bhith agad gu bheil seirbheis mhath slàinte ann, gu bheil foghlam math ri fhaighinn, gu bheil deagh sgoil ann. Cha dèan thu sin airson bliadhna a-mhàin.

"'S e an dragh as motha a th' oirnn gur dòcha nach toir pàrantan prìomhachas do dh'fhiaclan na cloinne aca.

"Ma tha thu a' fuireach ann am Fionnphort agus coinneamh agad leis an fhiaclair ann an Creag an Iubhair, bidh thu air falbh bhon taigh fad ochd uairean de thìde 's trì cairteal airson coinneamh fiaclaire a mhaireas 15 mionaidean.

"Tha dragh oirnn gun toir sin droch bhuaidh air fiaclan na cloinne, agus cuideachd 's e là slàn far na sgoile a bhios ann, agus mar sin bheir e droch bhuaidh air an fhoghlam aca," thuirt i.

An t-Òban

Dha na daoine as fhaide air falbh o Thobar Mhoire, anns an Ros Mhuileach, tha là slàn a dhìth airson falbh air còmhdhail phoblaich dhan fhiaclaire, an dàrna cuid ann an Tobar Mhoire, no, mar a tha feadhainn air roghnachadh, san Òban.

"'S e astar mòr a th' ann. Bidh thu air an rathad uair gu leth theirinn, bhon Ros.

"Tha sin gu math doirbh.

"Air còmhdhail phoblaich tha e gu math tràth. A' crochadh air clàran-ama, gu h-àraid anns a' Gheamhradh.

"Air làithean àraid bidh thu a' fàgail dìreach an dèidh 07:00m, agus cha bhi thu a' tighinn dhachaigh gu 6:00f. 'S e là fada a th' ann.

"Tha mi eòlach air fear no dhà a tha a' dèanamh air an Òban. Tha e a' ciallachadh gu bheil iad air falbh fad là, ach aig an aon àm ma tha thu a' dol do Thobar Mhoire bidh thu air falbh fad là.

"Tha e nas fheàrr ann an dòigh a bhith a' dol dhan Òban far a bheil goireasan eile - faodaidh tu a dhol do na bùithdean agus mar sin air adhart.

"Mura bheil càr agad, mura bheil thu a' dràibheadh, tha sin a' dèanamh diofair cuideachd.

"Tha e nas fhasa, ma tha thu a' cleachdadh còmhdhail phoblaich, a bhith a' dol don Òban seach a bhith a' dol do Thobar Mhoire," thuirt i.

Thuirt Compàirteachas Slàinte is Cùraim Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad fhathast a' sireadh fiaclaire, agus gus am faigh iad cuideigin eile gum feum muinntir an eilein feitheamh rud beag na fhaide airson fiaclair fhaicinn.

Thuirt iad, a thaobh na cloinne, nach robh ach clann ann am Bun-sgoil Bhun Easain a' cleachdadh seirbheis bhana an fhiaclaire anns an Ros Mhuileach.