Ola mu Ròcabarra?
- Published
Tha eòlaichean-creige ag ràdh gum faodadh gu bheil stòrasan ola agus gas timcheall air oirthir Alba, ann an àiteachan a bha luchd-sgrùdaidh a' seachnadh roimhe.
Tha sgioba air a bhith a' rannsachadh chreagan timcheall air Ròcabarra - eilean beag bìodach mu 300 mìle an iar air na h-Eileanan Siar.
Cha deach mòran rannsachaidh a dhèanamh timcheall air Ròcabarra thuige seo.
Cha deach ach 12 thobar a tholladh ann, agus cha d' fhuaireadh ach beagan de ghas ann an aon dhiubh sin.
Ach tha eòlaichean-creige bho Oilthigh Obair Dheathain air a bhith a' rannsachadh dàta ùr, agus tha iad ag ràdh gun robh na h-oidhirpean a rinneadh ron seo a' coimhead anns na h-àiteachan ceàrr.
Bhathar cheana a' smaoineachadh gun robhas nas buailtiche ola agus gas a lorg ann an cnapan mòra air grunnd na mara.
A-nis, air sgàth spreadhaidhean bholcànach, tha iad den bheachd gum bi na stòrasan sin nas fhaide air falbh.
Chan eil dùil gun tòisich obair-thollaidh anns an aithghearrachd ge-tà, leis cho garbh 's a tha na h-uisgeachan timcheall air Ròcabarra.
Ach ma dh'èireas prìs na h-ola, dh'fhaodadh gum bi barrachd rannsachaidh ola ga dhèanamh san sgìre.