Factaraidh biadh-èisg ùr anns an Eilean Sgitheanach

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Marine Harvest
Fo-thiotal an deilbh, Tha dùil gun cruthaich an t-ionad còrr air 50 cosnadh.

Chaidh gabhail ri planaichean airson factaraidh biadh-èisg ùr a thogail anns an Eilean Sgitheanach.

'S e a' chompanaidh àrach-èisg Marine Harvest a th' air cùl nam planaichean airson factaraidh, a chosgas mu £80m, a thogail ann an Caol Àcainn.

Thuirt a' chompanaidh gum biodh 55 cosnadh làn-ùine ann, 's obraichean a bharrachd fhad 's a bhiodh an fhactaraidh ga togail.

Chaidh cead a thoirt seachad Dimàirt airson grunn thogalaichean gnìomhachais, tancaichean-stòraidh agus similear a bhios 60m de dh'àirde.

Nochd cuid de chomhairlichean dragh ge-tà, mu mheud nan togalaichean.

Chaidh gabhail ris na planaichean 13 bhòtaichean gu 3.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh