Fear-sreap air bàsachadh sa Mhonadh Ruadh

  • Air fhoillseachadh
Heileacoptair nam Maor-CladaichTùs an deilbh, David Buchanan
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an duine a thoirt far na beinne Dimàirt le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Bhàsaich fireannach a thuit fhad 's a bha e a' coiseachd ann an Coire an t-Sneachda Dimàirt.

Chaidh fios a chur air na Poilis anns an Aghaidh Mhòir mu 12:00f, agus chaidh an duine a thoirt far na beinne le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chaidh a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain 's e air a dhroch ghoirteachadh mun cheann.

Thuirt na Poilis gun robh an duine anns na ficheadan agus a' coiseachd leis fhèin.

Thuirt iad cuideachd nach buineadh e dhan sgìre.