Seirbheis ùr dha luchd-obrach na h-ola?
- Air fhoillseachadh

Tha Loganair a' coimhead ri seirbheis ùr a chur air dòigh a bheir ceangal nas fheàrr do luchd-obrach na h-ola eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain.
Tha Eastern Airways an dùil an t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain madainn Diluain a sgur bhon 13mh là den ath-mhìos - rud a dh'adhbhraicheas trioblaid dha luchd-obrach na h-ola a tha a' còmhnaidh anns na h-Eileanan.
Tha cuid a tha ag obair ann an Obar Dheathain a' ceasnachadh am bu chòir dhaibh gluasad gu Tìr-Mòr, seach a bhith a' siubhail às na h-Eileanan.
Tha Loganair a-nis air innse gu bheil iad-san a' coimhead ri seirbheis ùr a stèidheachadh mu choinneimh an iarrtais seo.
Tha iad ag ràdh, leis nach eil plèana saor aca, gum beachdaich iad air seirbheis bus a chur air dòigh eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain dhan fheadhainn a thig air a' phlèana à Steòrnabhagh.
Thuirt Eastern Airways gur e lùghachadh mòr ann an àireamh an luchd-siubhail a thug orra an t-seirbheis a bh' ann a tharraing.