BBC Naidheachdan

Chaidh clàr-ama ball-coise Geamannan nan Eilean Gotland 2017 fhoillseachadh an-diugh

Published
media captionSgioba ball-coise WIIGA ann an Jersey

Chaidh clàr-ama geamannan ball-coise Gotland 2017 fhoillseachadh Diciadain, le sgiobaidhean WIIGA le chèile gu bhith cluich a' chiad geama aca air Didòmhnaich an 25mh den t-Òg-mhios.

Cluichidh sgioba nam fear an aghaidh A' Ghraonlann an toiseach, le Gotland agus Froya cuideachd sa bhuidheann aca.

Tha sgioba nam ban an aghaidh Åland sa chiad gheama acasan, 's iad an uairsin gu bhith cluich Eilean Mhanainn agus Ynys Môn.

Geamaichean sgioba nam fear

Thèid nan iar-chuairtean dheireannach a' chluich air Diardaoin 29mh den t-Òg-mhios, leis a chuairt dheireannach agus an geama airson an 3s/4mh àite air a' chluich air Dihaoine an 30mh latha den t-Òg-mhios.

Geamaichean sgioba nam ban

A' rithist, thèid nan iar-chuairtean dheireannach a' chluich air Diardaoin 29mh den t-Òg-mhios, leis a chuairt dheireannach agus an geama airson an 3s/4mh àite air a' chluich air Dihaoine an 30mh latha den t-Òg-mhios.