Meanbh-chuileag nach bìd air Ghàidhealtachd!
- Published
Tha luchd-saidheans air gnè de mheanbh-chuileig a lorg air a' Ghàidhealtachd nach fhacas am Breatainn roimhe.
Nochd seo agus prògram rannsachaidh mu bhith-iomadachd a' gabhail àite air oighreachd ghlèidhteachais faisg air Loch Nis.
Ach cha bu chòir cus dragh a ghabhail - oir chan eil a' mheanbh-chuileag seo ri bìdeadh.
Tha Oighreachd Ghlèidhteachais Dhul Dreagain ann an Gleann Moireasdain na pàirt den Choille Chailleannach, far a bheil an carthannas Trees for Life a' feuchainn ri ath-bheothachadh a thoirt gu buil.
Thairis air na deich bliadhna mu dheireadh, tha luchd-saidheans air grunn ghnèithean ùra annasach a th' ann an cunnart a lorg, nam measg mialtagan agus speachan.
'S e an gnè as ùire a chaidh a lorg seòrsa de mheanbh-chuileig nach bi ri bìdeadh, agus nach deach aithneachadh a-riamh roimhe san Rìoghachd Aonaichte.
'S e ainm saidheansail na meanbh-chuileige "Chironomus vallenduuki".
Tha am facal Chironomus cudromach oir cha bhi Chironomids a' bìdeadh.
'S beag an t-iongnadh nach deach a h-aithneachadh roimhe!