Dìon air àrdachadh cìs chomhairle Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha ceannardan Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith a' dìon an co-dhùnaidh a' chìs chomhairle a chur an-àirde 3%.
Thèid cìsean airson seirbheisean na Comhairle an-àirde aig an aon ìre.
Aig a' cheart àm chaidh airgead a bharrachd a thoirt do roinn na slàinte agus na h-obrach sòisealta.
"Chan eil sinn a' faotainn an airgid o Riaghaltas na h-Alba, is feumaidh sinn airgead fhaotainn rathadeigin airson na seirbheisean a chumail a' dol," thuirt an Comhairliche Ìleach, Robin MacMhuirich.
"Chan eil sinn ag iarraidh sin a dhèanamh, ach 's e an dàrna cuid sin a dhèanamh, no seirbheisean a ghearradh air fad, no d' fhaoidte seirbheisean a stad.
"Chan eil mi a' smaointeachadh gu bheil duine sam bith ag iarraidh sin.
"Tha mi a' smaointeachadh gum pàigh iad beagan a bharrachd airson na cìse comhairle.
"Chan eil ann ach cupal Not san t-seachdain, 's chan e mòran a tha sin," thuirt e.