Crathadh air HIE "ceart is cothromach"
- Air fhoillseachadh

Tha e ceart is cothromach gun tèid crathadh a thoirt air Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) gus am bi iad cho èifeachdach is a ghabhas - is nì bòrd ùr os an cionn feum, a rèir a' bhuill Ghàidhealaich aig Holyrood, Ceit Fhoirbeis.
Chuir i fàilte air an dàrna pàirt de dh'ath-sgrùdadh air buidhnean iomairt is sgilean na h-Alba, a tha a' moladh bòrd neo-eisimileach HIE a ghlèidheadh, ged a bhiodh bòrd ùr nàiseanta os an cionn.
Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gum brosnaich na molaidhean seo co-obrachadh eadar buidhnean.
"Nam bheachd-sa tha e gu math cudromach gu bheil Lorne Crerar (cathraiche HIE) air a ràdh gum bu chòir bòrd neo-eisimeileach a bhith ann," thuirt i.
Ath-sgrùdadh
"Tha seo na phàirt den phròiseas a th' air a bhith againn airson trì no ceithir mìosan.
"Thuirt an Riaghaltas gun robh iad airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air HIE airson a dhèanamh cinnteach gun robh HIE cho làidir 's a dh'fhaodadh e a bhith.
"Airson taic a thoirt do choimhearsnachdan, agus buidhnean air Ghàidhealtachd, agus mar sin tha e cudromach gu bheil an ath-phàirt den phròiseas a-nis againn.
"'S e sin an ath-sgrùdadh riaghlaidh aig Lorne Crerar.
"Às dèidh 60 bliadhna, tha e cudromach gu bheil ath-sgrùdadh againn de HIE.
"Tha rudan a tha HIE a' dèanamh a tha glè mhath, agus rudan eile 's dòcha nach eil buidheann anns an Eilean Sgitheanach, no ann an Loch Abar, a' faighinn gu leòr taic.
"Tha sinne den bheachd gu bheil barrachd feum air co-obrachadh eadar buidhnean mar Leasachadh Sgilean Alba, no Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, agus HIE.
"Mar sin, tha e fhathast cudromach gu bheil bòrd ro-innleachdail againn.
"Ach tha an ath-sgrùdadh seo ag ràdh nach bu chòir a' bhuidheann seo, am bòrd seo, a bhith an sàs anns na co-dhùnaidhean a th' aig HIE bho là gu là.
"Ma leughas tu an aithisg seo, tha e a' sealltainn dòigh sam faodadh am bòrd ro-innleachdail taic a thoirt do HIE agus am bòrd neo-eisimeileach - ach chan eil e airson HIE a ruith bho là gu là.
"Tha sin sin fhathast fo sgèith a' bhùird ùir, am bòrd neo-eisimeileach a th' aig HIE.
"Tha mise gu math taiceil ris a' phàirt den ath-sgrùdadh a tha ag ràdh gum bu chòir bòrd neo-eisimeileach a bhith ann.
"Agus tha mi gu math taiceil ris an smuain a bh' agam dhà no trì mìosan air ais gum bu chòir prìomh oifis na buidhne ro-innleachdail ùire a bhith air Ghàidhealtachd, agus gum bu chòir dhan bhòrd siubhal mu chuairt na Gàidhealtachd, airson gum bi tòrr a bharrachd obrach eadar HIE agus pàirtean den Ghàidhealtachd nach eil ann an Inbhir Nis," thuirt i.
"