Tagradh ùr mu thubaist Thaigh Iain Ghròt
- Air fhoillseachadh

Rinn Poilis Alba tagradh as ùra airson fiosrachaidh an dèidh do dhuine bàsachadh ann an tubaist air an rathad ann an Taigh Iain Ghròt.
Chaidh Timothy Humphreys a leagail le càr air an A836, faisg air ceann-rathaid an A99 agus Taigh-òsta a Seaview mu 22:40 air an 17mh dhen Ghearran.
Bhàsaich Mgr Humphreys, a bha 34 bliadhna, agus a bhuineadh do Thaigh Iain Gròt, aig làrach na tubaist.
Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sa bith a chunnaic Mgr Humphreys san uair a thìde ron tubaist.