Dragh mu obraichean ann am Baile nan Granndach

Tha ceist mu choinneamh 46 obair ann am Baile nan Granndach.

Dhearbh a' chompanaidh MacKellar Subsea Earranta gu robh iad ann an co-comhairle leis an luchd-obrach a thaobh iad a bhith a' leigeil dhiubh an dreuchdan.

Thuirt riochdairean ionadail gu robh dragh mòr orra mun naidheachd agus gun toireadh e buaidh mhòr air an eaconamaidh ionadail nan deidheadh cur às dha na cosnaidhean.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Bill Lobban, a tha cuideachd na iar-fhear-gairm air Còmhairle na Gàidhealtachd, gur e companaidh chudtromach a tha seo ann an sgìre Bhàideanach agus Srath Spè.

"Tha na cosnaidhean seo gu math, gu math luachmhor dhan sgìre agus tha an luchd-obrach air an deagh thrèanadh agus èifeachdach.

"Bhithinn an dòchas gu bheil rudeigin ann air fàire a dh'fhaodadh na cosnaidhean seo, agus a' chompanaidh, a shàbhaladh," thuirt e.