Dragh mu Geopark na Gàidhealtachd

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Des Colhoun / Geograph

Tha dragh ann gum faodadh Geopark Iar Thuath na Gàidhealtachd inbhe UNESCO a chall air sgàth dìth maoineachaidh.

Chaidh inbhe UNESCO a bhuileachadh air a' phàirc ann an 2004.

Thuirt an Geopark gu bheil feum aca air £70,000 gach bliadhna gus an luchd-obrach aca a chumail, is tha iad a-nise air iomairt a chur air dòigh feuch airgead a thogail.

Thàinig taic bhon bhall Ghàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Gail Ross.

Thuirt am BPA Ross gu bheil a' phàirc air obair ionmhalta a dhèanamh airson àrainneachd na sgìre a ghlèidheadh is a shanasachd.

Tha iomagain oirre, thuirt i, gum faodadh a' phàirce inbhe UNESCO a chall, is dh'iarr i gun rachadh taic-airgid a thoirt seachad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh