Fear motor-baidhseagail air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde
Dh'ainmich na Poilis fear motor-baidhseagail a bhàsaich às dèidh tubaist le bus air an A82 Diciadain.
B' e Eòghann Mac a' Ghobhann, 48, à Rinn Friù.
Cha deach duine a bh' air bòrd a' bhus a ghoirteachadh.
Bhuail an dà charbad na chèile aig an Lagan faisg air Inbhir Garadh mu 1f Diciadain agus bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaiste.