Droch là do sgiobaidhean nan Eilean Siar

Published
image captionChaill Nis air breaban peanais ri Hill Rovers às deidh geama iongantach a chrìochnaich 6-6 às deidh ùine a bharrachd.

Chan eil ach aon sgioba bho na h-Eileanan an Iar air fhàgail ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd às deidh geamannan na deireadh sheachdain.

Rinn Saints an Iochdair a chùis air Kirkwall Hotspur 5-3 aig an taigh gus faighinn troimhe chun treas cuairt.

Cluichidh na h-Uibhistich a-nise an aghaidh Staxigoe Utd.

Se droch là a bh' ann dha na còig sgiobaidhean eile bho na h-Eileanan an Iar ge-ta.

A-mach

Bha an geama eadar Càrlabhagh agus Abhach gu math teann agus bha coltas ann gum biodh feum air ùine a bharrachd is e a fàiligeadh air sgioba seach sgioba tadhal fhaighinn.

Le dìreach trì mionaidean air fhàgail ge-tà, fhuair Niall Docherty an tadhal a bhuannaich an geama do dh'Abhach 's chaidh Càrlabhagh a-mach às an fharpais.

Bha geama iongantach dha-rìreabh eadar Nis agus Hill Rovers ann an Inbhir Nis.

Às deidh dhan gheama crìochnachadh 4-4, chaidh iad gu ùine a bharrachd far an do ghluais Nis 6-5 air thoiseach.

Iongantach

Ach le dìreach diogan air fhàgail air a ghleoc, leag fear de chluichedairean Nis fear bho na Rovers anns a' bhocsa a'toirt seachad breab-peanais.

Fhuair fear-glèidhidh Nis a làmh air a' bhalla, ach cha b'urrainn dha a chumail a-mach. Shèid an rèitire fhìdeaig airson làn-ùine cho luath 's a bhuail am balla cùl an lìn.

media captionTormod "Taz" Moireasdan a' sgòradh do Hill Rovers anns na breaban peanais
media captionFear-glèidhidh Hill Rovers a' sàbhaladh a bhreab-pheanais a bhuannaich an geam dhaibh.

Rinn Hill Rovers a chùis 3-2 air breaban peanais.

Ann an geama a chaidh air ais agus air adhart eadar an dà sgioba, rinn Baile Màiri a chùis air an Rubha 3-2 ann an Garrabost.

Chaill Athletic Steòrnabhaigh 6-1 ri Rendall agus chaill Beinn nam Faoghla gu dona cuideachd, le ANM Ace a dèanamh a chùis orra 6-0.

Chaidh Caol Àcainn cuideachd a chur a-mach às an fharpais 's iad a call 2-1 ri Tom Àitinn.

Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd - An Treas Cuairt

Rendall v NMM Sams

IRN Security v Hill Rovers

Tom Aitinn v Cùl Bhàicidh

Abhach v ANM Ace

Lairg Rovers v Pentland Utd

Lybster v Kirwall Thorfinn

Saints an Iochdair v Staxigoe Utd

Brora W v Baile Màiri