Bàs sreapadair air Beinn Nibheis

Beinn Nibheis Image copyright Reamonn Lenkas
Image caption Thuirt Sgioba Teasargainn Beanntan Lochabair gun robh an duine air tuiteam air Tower Ridge madainn Disathairne.

Chaochail neach a bha a' sreap air Beinn Nibheis air an deireadh sheachdain.

Thuirt Sgioba Teasargainn Beanntan Lochabair gun robh an duine air tuiteam air Tower Ridge madainn Disathairne.

Chuireadh heileacoptair nam maor-chladaich a chuideachadh.

Thuirt an sgioba teasairginn gun robh an corp ann an àite gu math duilich air cliathaich na beinne.