Tubaist-rathaid ann an Cataibh
- Air fhoillseachadh
B' fheudar uidheamachd-gearraidh a chur an sàs às dèidh tubaist-rathaid eadar bhana-campachaidh agus làraidh ann an Cataibh Diardaoin.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 4:40f Diardaoin, 's an dà charbad air bualadh na chèile air an A838, mu dhusan mìle tuath air an Luirg.
Chaidh aon duine a ghearradh a-mach às a' charbad aige.