"Cnapan-starra" mu choinneimh iomairt UNESCO
- Air fhoillseachadh

Thuirt fear a bha na Cheann-Suidhe air a' Chomunn Ghàidhealach, Iain MacLeòid, 's a mhol gun deadh inbhe UNESCO a shireadh dhan Ghàidhlig, gu bheil tòrr ri dhèanamh fhathast mus tig an t-amas sin gu bith.
Thuirt Cathraiche Comataidh Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, an t-seachdain seo gun robh ise a' cur a taic-se ris an iomairt.
Tha Mgr MacLeòid ag ràdh ge-tà, gu bheil grunn rudan ri rèiteach fhathast.
"Cnap-starra"
"Tha cnap-starra an ìre mhath mòr ann an-dràsta - ged a chuir Riaghaltas na Rìoghachte Aonaichte an ainm ri Cùmhnant UNESCO san fharsaingeachd, 's e am beachd laghail a fhuair mi bho bhuidhinn na Pàrlamaid a bhios a' sealltainn ri gnothaichean laghail - sin an Scottish Parliament Information Centre - 's e am beachd a thug iad seachad nach robh an Riaghaltas - Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte - fhathast air an ainm a chur ris a' phàirt seo den chùmhnant a tha a' dèiligeadh ri intangible cultural heritage - sin far an robh sinn airson inbhe den t-Seann Nòs a thoirt air adhart".
"'S dòcha gur e rud teicnigeach a th' ann, 's dòcha gur e mearachd a th' ann, 's dòcha gur e dìochuimhne a rinn iad.
"Ach tha mi air iarraidh air aon de na Buill-Phàrlamaid aig Westminster a' chùis seo a thogail - ceist a chur mu dheidhinn seo chun na roinne iomchaidh - 's dòcha gur e Roinn a' Chultair aig Riaghaltas Westminster a dh'fheumas dèiligeadh ri seo 's tha mi fhathast a' feitheamh freagairt mu dheidhinn sin.
"Thàinig dàil ann seach gun deach an Taghadh Coitcheann a ghairm agus tha a' Phàrlamaid air saor-làithean an-dràsta - 's dòcha gum bi beagan ùine ann fhathast mus fhaigh mi a-mach dha-rìribh dè an t-adhbhar nach eil an Riaghaltas air an ainm a chur ris a' phàirt seo den chùmhnant".
"Ma gheibh sinn seachad air sin, bidh e na adhartas dhuinn agus faodar an uair sin sealltainn ri tagradh a chur a-steach airson inbhe a thoirt dhan t-Seann Nòs".
Tha e cudromach cuideachd, thuirt e, gum bi taic ann aig ìre phoileataigich agus bho choimhearsnachd na Gàidhlig, gu h-àraidh anns na h-Eileanan an Iar far a bheil an Seann Nòs fhathast bitheanta.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An t-Iuchar 2017
- 12 Am Màrt 2012