Òigridh na h-Alba a' dèanamh air Èirinn
- Air fhoillseachadh
Sgiobair na h-Alba, Iain Robinson, a' bruidhinn mun turas.
Dh'fhoillsich Comann na Camanachd na cluicheadairean a bhios a' dol a dh'Èirinn airson dà gheama aig ìre Fo 17 aig deireadh na mìos.
Cluichidh na h-Albannaich an aghaidh sgiobaidhean bho Phort Láirge is Baile Átha Cliath.
Thuirt Stiùiriche Òigridh Chomann na Camanachd, Uilleam Dòmhnallach, gur e fìor dheagh chothrom a th' ann dha cluicheadairean a tha an dòchas cluich do dh'Alba aig ìre Fo 21 is an làn sgioba.
Bidh na balaich ann an Èirinn eadar an 23mh is 26mh den mhìos.
'S e Iain Robinson à Baile Ùr an t-Slèibh an sgiobair a bhios aca.
Bidh iad ag amas air togail air soirbheachas bhoireannaich na h-Alba ann an Èirinn air an deireadh-sheachdain.
Rinn na boireannaich a' chùis air Baile Átha Cliath 19-10.
Tha sguad nam balach aig ìre Fo 17 mar a leanas;
Calum MacDhùghaill - Cill Mhàillidh
Scott MacCoinnich - Lòbhat
Scott Dòmhnallach - Caol Bhòid
Iain MacIlliosa - Camanachd an Èilein Sgitheanaich
Daniel MacCuthais - Camanachd an Òbain
Connor Gilpin - Camanachd an Èilein Sgitheanaich
Seumas Pringle - Camanachd an Èilein Sgitheanaich
Ross MacMhaolain - Celtic an Òbain
Alexander Michie - Ceann a' Ghiuthsaich
Ross Montgomery - Inbhir Aora
Daniel MacBhiocair - Camanachd an Òbain
Ruairidh MacAnndrais - Ceann a' Ghiuthsaich
Robbie Brindle - A' Mhanachainn
Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh (Sgiobair)
Cameron Sutharlanach - Camanachd an Òbain
Roddy Young - Ceann a' Ghiuthsaich
Liam Arnott - Loch Carran