Atharrachadh ri seirbheisean cridhe

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig MhòirTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na planaichean air fearg a chur air luchd-iomairt.

Dh'fhaodadh gun tig atharrachadh air mar a tha cùram ga thoirt seachad do dhaoine an Inbhir Nis a th' air tinneas cridhe fhulaing nas fhaide air adhart air a' bhliadhna.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh a' chùraim a tha ga thoirt seachad an-dràsta aig an ionad Highland Heartbeat aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a ghluasad gu Ionad Saidheans Slàinte a' bhaile.

Dheadh ionadan-spòrs a' bhaile a chur gu feum le euslaintich a dh'fheumas eacarsaich a dhèanamh.

Fearg

Tha na planaichean air fearg a chur air luchd-iomairt leis gur ann bho thabhartasan bhon phoball a thogar mòran den airgead airson an ionaid, a dh'fhosgail ann an 2005.

'S ann bho Bhunait Cridhe Bhreatainn a thàinig cuid mhath eile den mhaoineachadh.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh ge-tà, gun cuidicheadh na h-atharrachaidhean le cùram cridhe a leasachadh, agus gun deadh aca air obrachadh nas dlùithe ri eòlaichean slàinte eile.

Feumaidh comataidh den Bhòrd Shlàinte fhathast cead a thoirt dhan phlana.

Ma thèid cead a thoirt seachad dh'fhaodadh gun tòisich na h-atharrachaidhean ro dheireadh na Sultaine.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh