Taic son talamh mòintich a dhìon
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air croitearan, tuathanaich is oighreachdan tagradh a chur a-steach son taic-airgid gus talamh mointich a dhìon.
Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais, Dualachad Nàdair na h-Alba an urra ris an sgeama am tha luach £8m.
Chan eil ach trì mìosan air fhàgail son tagradh a dhèanamh ge-tà.
Tha còrr is 20% den fhearann air fad ann an Alba fo talamh mòintich.
Tha t-seòrsa talmhainn seo cuideach a' stòradh an t-uabhas charbon.
Prìseil
A-rèir Dualchas Nàdair na h-Alba, tha talamh mòintich 'fallainn' riatanach dhan àrainneachd agus cuideachd dhan uisge a tha sinn ag òl.
Tha SNH air £8m oho Riaghltas na h-Alba airson mòintichean a dhìon agus a leasachadh.
Agus tha iad a' sireadh thagraidhean bho chroitearan, tuathanaich is uachdarain airson an t-airgead sin a chur gu feum.
Thuirt Manaidsear a' Phròiseict, Anndra McBride; "le bhith a' dìon na talmhainn prìseil seo, faodaidh sinn adhartas mòr a dhèanamh 'son amasan dìon na h-àrainneachd a cho-lìonadh.
Feumaidh na h-iarrtasan a bhith a-staigh ro dheireadh an Dàmhair.