Mìos às aonais seirbheis fòn-làimhe
- Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann an sgìre Ùige ann an Leòdhas agus iad às aonais tarraing fòn-làimhe air lìonra EE 'son cha mhòr mìos.
Seo an aon lìonra tha ri fhaotainn san sgìre, agus seo an dàrna turas ann am beagan mhìosan a tha iad air a bhith às aonais.
"'S e seirbheis Orange a bh' ann bho thùs, ach tha EE air sin a ghabhail thairis," thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Tormod Dòmhnallach.
"'S e seo an dàrna turas ann am beagan mhìosan a chaill sinn e. Chaill sinn tràth as t-Earrach e airson còrr air cola-deug, agus tha a-nis an ìre mhath mìos bho chaidh an siognal dheth.
Seirbheis Eiridinn
"Tha mi a' smaoineachadh, an rud as duilghe dheth, nach eil fiosrachadh ceart ga chumail ri daoine.
"Tha iad a' fònadh agus a' cur phost-dealain gu EE airson faighinn a-mach cuin a tha iad a' dol ga chur ceart.
"Tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil iad a' tabhachd seirbheis anns an sgìre seo co-dhiù.
"Tha fhios againn uile nach eil sin fìor, bhon tha iad air a bhith a' tabhachd seirbheis airson còrr air 15 bliadhna.
"Bho àm gu àm tha an uidheamachd air a bhith a' briseadh. Gu math tric anns a' Gheamhradh bidh e a' dol dheth airson là no dhà, agus tha iad a' faighinn slighe air a chur ceart aig na h-amannan sin.
"Chan eil sinne a' tuigsinn carson nach eil iad ga dhèanamh an-dràsta fhèin - gu h-àraid a thaobh 's gu bheil iad ag obair anns an sgìre co-dhiù airson na crainn ùra a chur an sàs airson nan seirbheisean eiridinn, far a bheil iad gu bhith a' tabhachd 4G eadar seo 's deireadh na bliadhna.
Eadar-lìon
"An aon rud as urrainn dhuinn a bhith a' cleachdadh a-nise 's e na fònaichean anns na taighean, agus tha daoine air fàs cho cleachdte ris (fònaichean-làimhe) a-nis, agus gu bheil iad chan ann a-mhàin ga ionndrainn, ach tha iad ga fhaireachdainn duilich dha-rìribh.
"Agus cuideachd an fheadhainn a tha ga chleachdadh airson a bhith a' cur phost-dealain agus eile gu càirdean nach eil a' fuireach an seo.
"Airson companaidh chonaltraidh, airson companaidh a tha a' toirt seachad seirbheis den t-seòrsa seo, shaoileadh sibh gum biodh e comasach dhaibh co-dhiù bruidhinn ri daoine agus freagairtean ceart a thoirt dhaibh.
"S e an rud mu dheireadh a chuala mise bhuapa 's e gum biodh iad a' sùileachadh cuideigin a bhith san sgìre an-diugh fhèin, agus gum biodh e air a chàradh.
"'S dòcha gun tachair sin, ach tha mar thà faisg air mìos air a bhith ann bho chaidh an t-seirbheis sìos, agus chan eil rian nach eil iad mothachail air sin, fiù 's ged nach biodh ann ach nach eil daoine a' cleachdadh nam fònaichean aca san sgìre.
"Nuair a tha sinn a' bruidhinn mu mhìos, tha sin dìreach mì-choltach, agus tha mi a' smaoineachadh ma 's e 's gur ann mar sin a tha iad gu bhith leis an t-seirbheis ùir a tha iad gu bhith a' tabhachd air feadh na dùthcha a thaobh seirbheisean eiridinn, chan urrainn dha daoine a bhith ro mhisneachail mu dheidhinn sin, ma 's e seo an dòigh anns a bheil iad gu bhith a' làimhseachadh chùisean," thuirt e.
Ann am brath a dh'fhoillsich EE, thuirt a' chompanaidh: "Tha fhios againn gum bi daoine a' faighinn tàire nuair nach eil tarraing fòn-àimhe ri fhaotainn, agus tha sinn ag iarraidh air luchd-cleachdaidh ann an sgìre Àird Ùig' ar leisgeul a ghabhail airson an duilgheadais ionadail.
"Lorg an luchd-einnsinìridh againn trioblaid le bathar-cruaidh, agus tha iad a' siubhail chun an eilein gus an trioblaid a chur ceart.
"Tha pàirtean ùra gan cur ann cuideachd, agus bidh làn-sheirbheis ri fhaotainn cho luath 's a ghabhas".