Coinneanaich a' chaisteil
- Air fhoillseachadh

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air lìonra de thunailean rabaid feuch a bheil iad a' fàgail bruaich fheurach fo Chaisteal Inbhir Nis neo-sheasmhach.
Tha coinneanaich fhiadhaich air na coinicearan sa bhruaich a dhèanamh, agus iad ri fhaicinn gu soilleir bhon rathad shìos foidhpe.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun dèan iad sgrùdadh feuch a bheil na coinicearan a' milleadh na bruaiche, agus feuch dè a' bhuaidh a tha craobhan a chaidh a chur air a' bhruaich a' toirt air a seasmhachd.
Tha dùil gun tèid an obair a dhèanamh san t-Sultain.
Thèid deuchainn a dhèanamh cuideachd air inneal fo stiùir rèidio airson feur na bruaiche a ghearradh.
Tha beachd ann gum fàg an t-inneal gearradh an fheòir air a' bhruaich, a tha caran dùbhlannach, nas fhasa.
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha pàirt den chaisteal, anns a bheil cuideachd Cùirt Siorraim a' bhaile.
Tha a' Chomhairle ag amas air an togalach air fad fhosgladh do luchd-turais aon uair 's gun tèid a' chùirt a ghluasad gu togalach eile.