Tubaist-rathaid mhairbhteach am Moireibh
- Air fhoillseachadh
Chaidh boireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid ann am Moireibh feasgar Diciadain.
Bhàsaich am boireannach Braisilianach, aois 69, an dèidh dhan mhotar-baiseagal air an robh i a bhith ann an tubaist le carbad air an A939 - dà mhìle deas air Tom an t-Sabhail.
Chuireadh fios air a teaghlach.
Chaidh an duine a bha a' dràibheadh a' mhotar-baiseagail a sgèith gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain 's e air a ghoirteachadh gu dona.
Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic am motair-baiseagal BMW agus an Nissan Navara dubh ron tubaist fios a chur thuca