Ceist farsaing mu sheacaidean sàbhalaidh
- Published
Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthain ris a' BhBC gu bheil iad a' cleachdadh an aon sheòrsa sheacaid sàbhalaidh 's a bha air a' bhàt-iasgaich an Louisa a chaidh fodha an-uiridh, le triùir a' call am beatha.
Thathas a' tuigsinn gu bheil an seòrsa seacaid-sàbhalaidh ga chleachadh gu farsaing air feadh a' ghnìomhachais.
Cho-dhùin rannsachadh oifigeil mun tubaist nach do dh'obraich na seacaidean sàbhalaidh mar a bu chòir, agus mhol an luchd-sgrùdaidh gun deadh ath-sgrùdadh air mar a thathas a' dèanamh dheuchainnean orra a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.
Thuirt CalMac gur e sàbhailteachd am priomh amas aca 's gum bithtear a' sgrùdadh na co-dhùnaidhean, mar a bhios iad gu cunbhalach, feuch a bheil buaidh sam bith aca air na gniomhan sàbhailteachd aca fhèin.
Tha iad cuideachd a' dol a shireadh comhairle bhon MCA mu na seacaidean sàbhalaidh. Thuirt iad gun toir iad làn thaic ri iarrtas sam bith airson cùisean atharrachadh.