Càrlabhagh a' togail Lìog Leòdhais is na Hearadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Lìog Leòdhais agus na Hearadh do Chàrlabhagh

Thog Càrlabhagh tiotal Lìog Leòdhais agus Na Hearadh oidhche Luain nuair a rinn iad a' chùis air an Rubha 2 gu 1.

Cha do thòisich cùisean mar a bu mhiann le Càrlabhagh air beulaibh tòrr luchd-amhairc.

'S e an Rubha a thòisich a bu làidir anns a' chiad leth den gheama, fiù 's ged a bha tòrr de na cluicheadairean àbhaisteach aca a dhith orra.

Fhuair iadsan a' chiad tadhal às dèidh 10 mionaidean bho Alexander Dòmhnallach.

Co-ionnan

Bha cothroman eile aca às dèidh sin ach cha deach leotha am ball a chur dhan lìon.

Ach a' dol a-steach gu deireadh a' chiad leth, thàining Càrlabhagh air ais le tadhal bho Aoghnas Grannd.

Bhuail e am maide tarsainn às dèidh sin ach bha an dà sgioba co-ionnan tadhal an urra aig leth-ùine.

Bha Càrlabhadh na bu làidire anns an dàrna leth den gheama agus às dèidh direach 8 mionaidean eile fhuair Kenny Dòmhnallach an dàrna tadhal do Chàrlabhagh.

Image copyright Carloway FC
Image caption 'S e seo an dàrna turas nan eachraidh a tha Càrlabhagh air an lìog a bhuannachadh.

Fhuair an Rubha am ball dhan lìon a-rithist ro dheireadh a' gheama ach cha robh sinn a' cunntadh.

Tha sin a' fàgail gu bheil Càrlabhaigh air an lìog a bhuannachadh 'son an dàrna turas ann an eachdraidh a' chluba.

Anns na geamachan eile rinn An Taobh Siar a' chis air na Lochan 2-1.

Bhuannaich United 2 gu 0 an aghaigh Athletic.

Agus ghlèidh Am Bac 3 gu 2 ann an Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo