An t-suim as motha de bhradan a-riamh ga reic

Bradan Image copyright Getty Images
Image caption 'S ann anns na Stàitean Aonaichte as motha a tha a' mhargaidh air an taobh siar, agus tha a' mhargaidh as motha 'san àirde an ear ann an Sìona.

Chaidh an t-suim 's motha riamh de bhradan Albannach a reic thall thairis air a' chiad leth den bhliadhna seo.

A-rèir nam figearan bhon riaghaltas, chaidh luach de £346m a reic, sin suas cha mhor 70% air an aon àm an-uiridh.

Tha an gnìomhachas air 29,000 tonna de bhradan a reic anns an dàrna chairteal den bhliadhna seo.

'S ann anns na Stàitean Aonaichte as motha a tha a' mhargaidh air an taobh siar, agus tha a' mhargaidh as motha 'san àirde an ear ann an Sìona.

Bheir na figearan seo bho HMRC misneachd dhan ghnìomhachas, 's duilgheadasan mòra air a bhith mu choinneamh le mialan mara.