Ionnsaigh air deugaire an Inbhir Nis

Tha na poileis a' sireadh tuilleadh fiosrachaidh às dèidh mar thugadh ionnsaigh air deugaire ann am meadhan Inbhir Nis tràth madainn Diluain.

Chaidh an deugeair, tha 16 bliadhna a dh'aois, a leòn mu aodann ann an droch ionnsaigh le fireannach air an robh geansaidh liath agus briogais bho dheise-spòrs.

Bha am fireannach a tha fo amharras cuideachd a' siubhail air baidhsagal.

Thachair an ionnsaigh mu 1:30m. Diluain, faisg air Ceàrnag na Seabhaige.

Chaidh an deugaire a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòr far a bheil e air a bhith a' faighinn leigheis.