Cosnaidhean Earra-Ghàidheal crochadh gu mòr air turasachd

An t-Òban Image copyright Getty Images
Image caption Às na deich àiteachan an Alba as motha tha a' còrdadh ri daoine, tha Sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid sa cheathramh àite.

Sheall sgrùdadh a rinn VisitScotland gu bheil barrachd chosnaidhean a' crochadh air turasachd ann an Earra-Ghàidheal is Bòd seach àite sam bith eile an Alba.

Tha cha mhòr aon às gach còignear ag obair anns a' ghnìomhachas an coimeas ri 14% air a' Ghàidhealtachd.

A dh'aindeoin sin, às na deich àiteachan an Alba as motha tha a' còrdadh ri daoine, tha Sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid sa cheathramh àite.

Tha Dùn Èideann sa chiad àite, a' Ghàidhealtachd san dàrna àite.