Cupa MhicAmhlaidh le Caol Bhòid

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Moladh manaidsear air sgioba Chaol Bhòid

Thuirt manaidsear Chaol Bhòid, Seumas Perlich, gun do sheall an sgioba aige cho math 's a tha iad ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh.

Thug an sgioba à Taigh na Bruaich pronnadh 7-4 air Baile Ùr an t-Slèibh san Òban 'son an cupa a thogail 'son an 12mh turas.

Bha na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig lethach slighe ach chaidh an uairsin Ruairidh Dòmhnallach - a bha gu math sàmhach sa chiad leth - an sàs.

Chuir an Dòmhnallach 4 tadhail ann an 18 mionaidean is loidhne dìon a' Bhaile Ùir air a reubadh às a chèile.

Bha Caol Bhòid air an dà gheama a chluich iad an aghaidh a' Bhaile Ùir mar-thà am-bliadhna a chall.

Toileachas

"Bha sin math dha-rìribh", thuirt Seumas Perlich.

"Cha robh sinn aig ìre nuair a chluich sinn nan aghaidh anns an lìog agus ann an Cupa na Camanachd.

"Cha chanainn gun robh sinn airson dad a dhearbhadh - ach tha fios againn gun urrainn dhuinn a' chùis a dhèanamh air Baile Ùr an t-Slèibh", thuirt e.

Rinn Perlich cuideachd molàdh mòr air Ruairidh Dòmhnallach is e ag ràdh gu bheil e air ais aig àrd-ìre.

Feumaidh Baile Ùr an t-Slèibh a-nise an cinn a thogail is iad a' dol an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich Disathairne seo tighinn ann an Cupa na Camanachd.

"Shaoil mi gun robh an luchd-dìon againn uabhasach", thuirt manaidsear a' Bhaile Ùir, PJ Mac an Tòisich.

"Chan urrainn dhut rùm mar sin a thoirt do Chaol Bhòid - is bha iadsan ga iarraidh barrachd na bha sinne.

Togail

"Ach mura h-eil na balaich deiseil 'son iar-chuairt dheireannach Chupa na Camananachd, cha bu chòir dhaibh a bhith ann, is feumaidh sinn uile sinn fhìn a thogail 'son a' gheama sin", thuirt e.

Sa Phrìomh Lìog Disathairne, chaidh Ceann Loch Seile dhan mhullach is iad air a' chùis a dhèanamh air GMA 5-1 ann an geama a chaidh a chluich ann an Inbhir Nis.

Tha Gleann Urchadain ann an staing aig a' bhonn às dèidh dhaibh call 3-2 ri Camamachd an Òbain.

Rinn na Sgitheanaich deasachadh math 'son a' gheama sin an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh le buaidh 4-0 an aghaidh a' Ghearasdain ann am Port Rìgh san Lìog Nàiseanta.

Chan eil a dhìth orra a-nise ach puing eile 'son a bhith cinnteach air àite sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan.

Tha a-h-uile coltas ann gum bi Cabar Fèidh a' dol suas còmhla riutha às dèidh dhaibhsan buannachadh 5-2 an aghaidh Inbhir Aora Disathairne.

Ann an Lìog Tuath 2 chaill na Leòdhasaich 3-2 ri Srath Ghlais ann an Siabost, ach bidh iad iad air am misneachladh le mar a chum iad orra is iad air deireadh 3-0 aig lethach ùine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile