Moladh dha luchd-frithealaidh Groove

Groove Loch Nis Image copyright James Roberts

Rinn na poilis moladh air an fheadhainn a chaidh gu Fèis Chiùil Groove 2017 air a' Ghàidhealtachd.

B' e seo an treas turas a bha Groove Loch Nis ann.

Bha mu 3000 duine aig an fhèis ann an Duras thairis air an deireadh-sheachdain.

Thuirt na poilis gun do lean a' mhòr chuid de dhaoine a' chomhairle aca gun a bhith a' toirt dhrogaichean dhan fhèis.

Dh'innis iad gun deach 21 duine a chur a-mach às an fhèis no a thionndadh air falbh air sgàth is gun robh drogaichean aca.

Thèid aithrisean ullachadh mun deidhinn.

Chaidh casaidean a chur às leth dithis dhuibh, fireannaich aois 32 is 30, gun robh iad a' reic dhrogaichean.

Bha sin às dèidh dha na poilis cocaine, MDMA is canaib a lorg aig an fhèis.

Tha dùil gun nochd an dithis aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diluain.

Thuirt Dougie Brown bho Groove gun robh iad air an dòigh le mar a chaidh an fhèis.

Thug e taing dhan fheadhainn a thàinig dhan fhèis is thuirt e gur iad a tha a' fàgail gu bheil an tachartas cho soirbheachail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile