Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Reataichean Gnìomhachais

Thàinig ath-sgrùdadh air reataichean gnìomhachais na h-Alba dhan cho-dhùnadh gum bu chòir ionadan cur-seachad is spòrs, cuid de chlubaichean goilf, sgoiltean prìobhaideach agus oilthighean a thoirt a-steach fon t-siostam. Agus tha Aithisg Barclay ag ràdh nach bu chòir reataichean a bhith air ionadan cùraim chloinne. Chaidh ath-sgrùdadh iarraidh an dèidh ghearainnean nach eil an siostam a th' ann cothromach, gu h-àraid do ghnìomhachas a tha ri aoigheachd.

Afganastan

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun cuir e tuilleadh shaighdearan a dh'Afganastan a shabaid an aghaidh nan Taliban. Gheall Mgr Trump ann an iomairt an taghaidh aige gur ann a bhiodh e a' tarraing nam feachdan Aimeireaganach a-mach às Afganastan. Ach thuirt e an-raoir nach dèanadh sin dad ach tuilleadh cothrom a thoirt do cheannaircich.

Brexit

Tha Prìomh Mhinistearan na h-Alba 's na Cuimrigh a' coinneachadh ann an Dùn Èideann a dheasbad buaidh Bhrexit orra. Tha Nicola Sturgeon agus Carwyn Jones a' cumail a-mach gu bheil Westminster am beachd Brexit a chleachdadh airson cumhachdan fèin-riaghlaidh a thoirt bhuapa. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil iadsan ag ullachadh airson tuilleadh chumhachdan a thoirt seachad.

Aiseagan nan Eileanan mu Thuath

Bidh faradh nas saoire bhon ath-bhliadhna air seirbheisean aiseig a' Chaoil Arcaich le sgeama RET. Tha dùil gum bi faradh luchd-siubhail mu 40% nas lugha, agus faradh airson carbaid mu 30% nas saoire.

Loch nam Madadh

Bidh alt-aiseig Loch nam Madadh dùinte airson seachdain anns an t-Samhain, eadar an 13mh là, agus an 19mh là. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad duilich mu dheidhinn sin, ach gu bheil iad den bheachd gur e sin an t-àm as sàmhaiche den bhliadhna airson an obair a tha a dhìth a dhèanamh.

NHS na Gàidhealtachd

Tha tè de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba a' ceasnachadh mar a tha NHS na Gàidhealtachd a' fastadh luchd-obrach, agus an ceathramh ospadal dùinte a-niste do dh'euslaintich ùra. Tha am bòrd-slàinte ag ràdh gur e tinneas agus cion luchd-obrach as coireach nach eil iad a' gabhail euslainteach aig Ospadal Ghoillspidh. Tha an aon shuidheachadh aig Ospadal New Craigs ann an Inbhir Nis agus ann am Port Rìgh agus Inbhir Ghòrdain. Tha Ball Ghallaibh, Chataibh agus Rois, Gail Ross, ag ràdh gum feum NHS na Gàidhealtachd innse gu follaiseach dè na planaichean a th' aca airson luchd-obrach fhastadh.

Oighreachd Sgealascro

Tha Oighreachd Sgealascro, faisg air Ùige Leòdhais, air a' mhargaidh air £2.2m. Tha còirichean an iasgaich agus sealg còmhla ris an fhearann, anns a bheil còrr is 5,500 acaire.