Fear a bha a dhìth air a lorg

Steven O'Neil Image copyright Poileas Alba
Image caption Thuirt na Poilis gun robh Steven O'Neil ullaichte airson campachaidh.

Chaidh fireannach a bha a dhìth o a dhachaigh an Inbhir Nis a lorg slàn sàbhailte.

Bha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh feuch càite an robh Steven O'Neil, 54, agus e air fhaicinn mu dheireadh mu 4:30f Dihaoine, 's e a' coiseachd air Rathad Eaglais an t-Sabhail ann an Cùil Lodair.

Thuirt na Poilis gun robh e ullaichte airson campachaidh.

Tha iad a-niste air dearbhadh gun deach a lorg slàn-sàbhailte.