Trioblaid aig dachaigh-cùraim an Sròn an t-Sìthein

Tha luchd-còmhnaidh dachaigh-chùraim bhig air taobh siar na Gàidhealtachd gan gluasad gu àiteachan eile ri linn dragh mu phlumaireachd an togalaich.

Tha còignear a' fuireach ann an Dachaigh-Cùraim Dhail Mhòir ann an Sròn an t-Sìthein.

Thathas gan cur gu dachaighean-cùraim eile sa Ghearasdan agus ann am Malaig fhad 's a tha sgrùdadh agus obair-càraidh gan dèanamh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh gealltanasan a thoirt seachad mu na tha a' dol a thachairt leis an dachaigh-chùraim san ùine fhada.

Thug iad a' chùis gu aire an riaghladair, Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile