Sùilean air Pàirce a' Bhucht

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithris Dhòmhnaill Angaidh Mhoireasdain air a' gheama mhòr.

'S e Las Vegas, a rèir choltais, meadhan saoghal spòrs na Cruinne air an deireadh-sheachdain.

Air a' Ghàidhealtachd cuideachd, bidh feadhainn a' faighneachd an urrainn dha farpaisiche car mì-choltach làmh an uachdair faighinn air fuamhaire.

Chan e Conor MacGhriogair agus Floyd Mayweather a bhios fon phrosbag aca idir, ge-tà, ach farpais a cheart cho inntinneach, agus chanadh gu leòr, pìos math nas urramaiche - Camanachd an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Tha na Sgitheanaich a' dol a Phàirce a' Bhucht ann an sunnd.

Às dèidh dhaibh sreap bho Lìog Tuath 1 dhan Phrìomh Lìog le sgioba òg, tàlantach, fo stiùir Iain 'Spod' MhicLeòid, bha cunnart ann gum faodadh iad a bhith air an t-slighe air ais beagan le àite a chall sa Phrìomh Lìog às dèidh aona sheusan.

Thàinig dithis de na seann laoich, Willie Cowie is Peadar Gòrdan, an àite Spod, ge-tà, is tha a h-uile coltas ann gu bheil iad a' togail air an obair ionmhalta a rinn e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Gilleasbuig MacDhòmhnaill às an Eilean Sgitheanach.

Chan eil e buileach oifigeil fhathast, ach bidh na Sgitheanaich air ais sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan, is iad gun geama a chall idir san Lìog Nàiseanta thuige seo am-bliadhna.

Shaoileadh tu gum bi iad nas làidire is nas comasaich aig an ìre as àirde leis an eòlas a fhuair iad an turas mu dheireadh.

Ron sin air fad, 's e a' cheist an urrainn dhaibh Baile Ùr an t-Slèibh a leagail Disathairne.

Chluich iad mar-thà am-bliadhna, am Baile Ùr a' buannachadh 3-1 am Port Rìgh.

Rinn na Sgitheanaich droch thoiseach-tòiseachaidh an là sin is am Baile Ùr 2-0 air thoiseach is gun 10 mionaidean air an cluich.

Às dèidh sin, ge-tà, cha robh mòran eatorra, is chan eil na Sgitheanaich ach air aon gheama a chall bhon uairsin, is air 31 tadhal a chur anns na 7 geamaichean mu dheireadh aca.

"Tha sinn air dèanamh meadhanach math faighinn chun na h-ìre seo ach 's e ceum eile a th' ann", thuirt Gilleasbuig MacDhòmnaill, a tha a' cuiche dha na Sgitheanaich.

"Bidh Baile Ùr an t-Slèibh gu math làidir, bidh iad gu mòr airson an geama a bhuannachadh - ach tha is sinne", thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iain Robinson à Baile Ùr an t-Slèibh.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh a' dol a-steach dhan gheama ann an suidheachadh diofraichte às dèidh do Chaol Bhòid an sgoltadh 7-4 ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh.

Dh'aidich am manaidsear, PJ Mac an Tòisich, às dèidh làimh, gu bheil feum air an sgioba ùrachadh.

Thug e slaic cuideachd air an luchd-dìon aige - "uabhasach" - is am fear-glèidhidh - "cha robh là ro mhath aige".

'S beag an t-iongnadh, ma-thà, gu bheil am Baile Ùr ag ràdh gu bheil iad airson na thachair a chur air an cùlaibh

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math airson na cluicheadairean fhaighinn suas airson a' gheama gu bheil geama mòr eile againn", thuirt Iain Robinson, a tha a' cluiche do Bhaile Ùr an t-Slèibh.

"Bidh e a' toirt oirnn a bhith a' faighinn suas airson a' gheama agus a' dol a-mach airson an geama a bhuannachadh", thuirt e.

Bidh a h-uile sguad aig na Sgitheanaich, ach tha làn-dùil nach bi Ruairidh Ceannadach no Andy Mac an Tòisich fut airson a' Bhaile Ùir, is tha Evan Mèinnearach air a chasg.

Adhbharan gu leòr do luchd-taic spòrs, ma-thà, aire a chumail air Inbhir Nis seach no cho math ri Las Vegas air an deireadh-sheachdain.

Chìthear an geama beò air BBC ALBA Disathairne, am prògram a' tòiseachadh aig 4:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile