"Cus thidsearan diofraichte"

Bun-Sgoil Beinn Uabhais Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Chuireadh ìmpidh air ceannardan foghlaim air Ghàidhealtachd dèanamh cinnteach nach bi grunn thidsearan eadar-dhealaichte aig aon chlas ann am bun-sgoil san Eilean Dubh tuilleadh.

Air an teirm mu dheireadh bha ceithir diofar thidsearan san t-seachdain aig aon chlas ann an Bun-Sgoil Beinn Uabhais ann an Drochaid Sguideil.

Chaidh gealltainn nach tachradh e a-rithist ach chaidh an aon shiostam a chur an sàs às dèidh saor-làithean an t-Samhraidh.

An dèidh do ghearainean a bhith air an togail tha an sgoil a-nis ag ràdh gur e dithis thidsearan a bhios aig a' chlas bho Dhiluain seo tighinn.