Ionmhas mòr a dhìth 'son tuathan-gaoithe

Crainn

Thug Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, rabhadh seachad gu bheil ionmhas mòr a dhìth gus planaichean airson tuathan-gaoithe ùra sna h-Eileanan a thoirt gu buil.

Tha an t-urras agus a' chompanaidh EDF airson faisg air 40 crann a thogail faisg air Steòrnabhagh.

Tha ceithir bailtean croitearachd - Mealabost, Aiginis, Sanndabhaig a Tuath agus Sanndabhaig an Ear - a' cur an aghaidh nam planaichean.

Dh'innis fear-labhairt nam bailtean, Ruairidh Coineagan, nach ann an aghaidh tuathan-gaoithe a tha na croitearan idir, ach nach bu chòir cead a bhith aig EDF leasachadh a chur air adhart air talamh nan croitearan.

Bu chòir na croitearan fhèin leasachaidhean a chur air adhart, thuirt e.

"Buannachd"

"Tha e duilich dhomhsa thuigsinn ciamar as urrainn dhaibh (Urras Steòrnabhaigh) cumail air adhart a bhith air cùl EDF, gu h-àraidh nuair a tha na croitearan ag iarraidh iad fhèin a dhèanamh, agus gu bheil e gu buannachd cus nas motha dhan choimhearsnachd ma nì sinn fhèin seo", thuirt Mgr Coineagan.

Dh'innis na croitearan gu bheil còrr is 200 duine air gearain gu h-oifigeil an aghaidh phlanaichean EDF.

Chaidh Iain MacÌomhair gu làidir às àicheadh nach do bhruidhinn Urras Steòrnabhaigh ris na croitearan, is thuirt e nach tèid tuathan-gaoithe ùra air adhart anns na h-Eileanan an Iar gun airgead mòr air an cùl.

"Tha an t-urras taiceil, is tha sinn air a bhith taiceil, is tha sinn air faicinn pròiseactan coimhearsnachd air a dhol an-àirde air an talamh againn", thuirt Mgr MacÌomhair.

"Far a bheil sinn a-nise feumaidh sinn na sgeamaichean mòra, agus le na sgeamaichean mòra thig na buannachdan.

Leudachadh

"Ma thig na sgeamaichean mòra, 's urrainn dha coimhearsnachdan a dhol air adhart le pròiseactan tòrr nas lugha.

"Bidh e comasach dhan dà rud a dhol air adhart - aon uair is gum bi am pròiseact mòr ann agus an càball ann", thuirt e.

Ann am brath naidheachd, thuirt EDF cuideachd nach bi e comasach tuathan-gaoithe ùra a thogail gun leasachadh mòr air lìonra dealain nan Eilean Siar.

Cha tachair sin gun grunn de na pròiseactan mòra a dhol air adhart, thuirt iad.

Tha an gnothach a-nise ann an làmhan Cùirt an Fhearainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo