Fàilte air dìteadh sealg gheàrr

Seacaid Phoilis

Chuir Poilis na h-Alba fàilte air mar a chaidh dithis fhireanach air a' Ghàidhealtachd fhaighinn ciontach gun robh iad a' cur chon às dèidh gheàrr, an aghaidh an lagha.

Chaidh an cur an grèim san Fhaoilleach.

Aig Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis dh'aidich Steafan Caimbeul à baile Inbhir Nis, agus Raymond Mac a' Phì às a' Ghearasdan, gun robh iad ciontach.

San Fhaoilleach, chuir na fireanaich, a tha beagan 's 20 bliadhna de dh'aois, coin às dèidh nan geàrr air talamh àiteachais gu sear air baile Inbhir Nis

Ghlac na Poilis iad an dèidh iomairt tron oidhche anns an robh coin nam Poileas an sàs.

Thuirt Constabal Daniel Mac an t-Sutharlannaich nach e cur seachad a th' ann, agus nach gabh coimhearsnachdan thall 's a-bhos ri daoine a tha ri eucoir fiadh-bheatha.

Feumaidh an Caimbeulach £300 a phàigheadh, agus feumaidh Mac a' Phì 100 uair de thìde de dh'obair sa choimhearsnachd a dhèanadh