Dùil ri fios mu thalamh an Stòirr

An Stòrr Image copyright Nigel Brown/Geograph

Thig fios an ceann beagan is seachdain am faigh urras coimhearsnachd san Eilean Sgitheanach sealbh air làrach cho trang agus cho ainmeil 's tha san eilean.

Innsidh Comhairle na Gàidhealtachd a bheil iad deònach an talamh faisg air an Stòrr a reic, agus £400,000 de thaic-airgid a thoirt do dh'Urras an Taobh Sear, a tha am beachd àite parcaidh, taighean-beaga agus goireasan eile do luchd-turais a chur ann.

"An leasachadh a bhios sinn a' dèanamh, 's e gum bi sinn a' cur a-steach àite sònraichte a ghabhadh co-dhiù 100 càr," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na bhall den Urras.

"Tha sinn am beachd taighean-beaga a thogail an sin, agus tha sinn am beachd beagan de dh'eachdraidh na sgìre innse do dhaoine cuideachd air an làraich.

"Tha e mar dhoras dhuinn a-steach air tòrr leasachaidh a tha a' dol air adhart air taobh sear an eilein.

"Mar a bhios 's dòcha fhios aig daoine tha pròiseact eile againn ris an can iad Ceumannan. 'S e "Eco-museum" a th' ann an Ceumannan, agu 's e seo mar gum biodh a' chiad làrach air a' phròiseact a tha sin.

Maoineachadh

"'S tha e gu math cudromach dhuinn airson diofar àiteannan.

"Tha e a' toirt dhuinn cothrom a bhith a' dèanamh an àite sin nas sàbhailte, nas fhreagarraiche airson luchd-turais, ach aig an aon àm tha e a' toirt dhuinn cothrom a bhith a' sgaoileadh dhaoine nas fhaide tuath, agus a bhith ag innse dhaibh dè th' air thoiseach orra nuair a thèid iad suas dhan Taobh Sear, agus ag innse dhaibh mu dheidhinn nan làraichean eile agus nan goireasan a th' air feadh na coimhearsnachd.

"Tha a' Chomhairle air £400,000 a chur gu aon taobh airson a' phròiseict seo, agus chaidh sin aontachadh aig a' Chomhairle dà bhliadhna air ais, 's tha sin ri fhaicinn anns na geàrr-chunntais aca.

"Bha iad fhèin a' faicinn leasachadh an Stòirr mar rud gu math cudromach anns an Eilean Sgitheanach.

"Tha sin gus a bhith uabhasach cuideachail a dh'ionnaigh an leasachaidh a tha seo," thuirt e.

Tha an t-Urras fhèin an urra ris a' chòrr den airgead - mu £600,000 - a chur mu choinneimh a' phròiseict, a thathas an dùil a chosgas mu £1m.