Càin £60,000 às dèidh tubaiste an Inbhir Nis

Acarsaid Inbhir Nis. Image copyright Richard Webb / Geograph
Image caption Thachair an tubaist aig Acarsaid Inbhir Nis.

Chaidh càin £60,000 air companaidh às dèidh tubaiste anns an deach duine a dhroch ghoirteachadh air bàta ann an Acarsaid Inbhir Nis.

Thachair an tubaist san Lùnastal 2015.

Bha Wilson Reid am measg sgioba a bha ag obair air pìosan de chrainn-ghaoithe a chur air tìr bhon bhàta air an robh iad.

Chuala Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis gun do thuit Mgr Reid, is gun robh e an toiseach a' crochadh bun os cionn, mus do thuit e 15 troigh air a' cheann.

Dh'fhulang e claigeann is peirceall briste is damaiste dha na fiaclan aige, am measg eile.

Dh'aidich a' chompanaidh Whyte Crane Hire nach do rinn iad an dleastanas a thaobh slàinte is sàbhailteachd.

Thuirt Alistair Duncan, Ceannard Slàinte is Sàbhailteachd aig Oifis a' Chrùin, gum faodadh Wilson Reid a bhith air bàsachadh, is gu bheil na thachair dha air a bheatha atharrachadh gu mòr.