Cowie moiteil às na Sgitheanaich

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Am Bail' Ùr dhan chuairt dheireannaich

Thuirt manaidsear Camanachd an Eilein Sgitheanaich, Willie Cowie, gun robh e air leth moiteil às na cluicheadairean aige is iad air a dhol a-mach à Cupa na Camanachd.

Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh air thoiseach tràth aig Pàirce a' Bhucht Disathairne le tadhal bho Ghlen Mac an Tòisich.

Chum na Sgitheanaich ceann a' mhaide riutha, ge-tà, is bha iad co-ionnan tràth san dàrna leth tro Sheumas Pringle.

Thàinig cothroman às dèidh sin 'son a dhol air thoiseach, ach cha do ghabh na h-eileanaich brath orra.

Sheall am Baile Ùr an t-eòlas aca san fhichead mionaid mu dheireadh, tadhail bho Mhac an Tòisich a-rithist (70), Craig Ritchie (79), is Jamie Robinson (83) gan cur troimhe 4-1 air a' cheann thall.

Bha e cruaidh air na Sgitheanaich is rinn Willie Cowie moladh air na cluicheadairean aige às dèidh a' gheama.

"Tha mi moiteil asta, tha mi a' smaointinn gun do chum sinn ceann a' mhaide riutha tron gheama air fad.

"'S e an treas tadhal a chuir às dhuinn, ach tha mi a' smaointinn gun robh sinn fìor mhath air feadh na pàirce is cha b' urrainn dhomh tuilleadh iarraidh bho na balaich.

"Tha iad troimhe-chèile mu dheidhinn is tha sin gam bhrosnachadh cuideachd, tha mi glè mhoiteil asta", thuirt e.

Bidh Baile Ùr an t-Slèibh a-nise sa chuairt dheireannaich an aghaidh Lòbhait.

'S ann aig Pàirce a' Bhucht a bhios an geama sin cuideachd Disathairne an 30mh den t-Sultain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile