"Chan fhulang sinn mì-mhodh" - Rae

ICT Brechin Image copyright SNS
Image caption Shoirbhich le ICT ann am Brechin Disathairne, ach bha buaireadh ann far na pàirce.

Thuirt cathraiche Chaley Thistle, Graham Rae, nach fhulang an cluba mì-mhodh bho luchd-leantainn, is cuid ri buaireadh aig Pàirce a' Ghlìb Disathairne.

'S e deagh là a bh' ann do Chaley Thistle air a' phàirc is iad a' buannachadh 4-0 an aghaidh Brechin City.

B' e seo a' chiad 3 puingean aca den t-seusan ùr.

Dh'innis Mgr Rae, ge-tà, gun do rinn buidheann bheag de luchd-taic Inbhir Nis maslachadh air a' chluba leis an dol a-mach aca.

Thuirt Mgr Rae gun robh an luchd-taic tàireil is bagairteach nan dòigh.

Dh'innis e gu bheil riochdaire an SPFL aig a' gheama a-nise air fios a chur air ICT mun chùis.

Thuirt e cuideachd gun do thog luchd-leantainn eile bho Inbhir Nis a bha ann am Brechin draghan mu dhol a-mach na buidhne, is gun tàinig gearan bhon chompanaidh bus D & E gun deach carbad leotha a sgrios leis a' bhuidhinn às dèidh a' gheama.

Fòghnaidh na dh'fhòghnas, tha Mgr Rae ag ràdh.

Mhìnich e gu bheil an cluba air fianais a chruinneachadh is gu bheil iad deiseil feadhainn a bha ri àimhreit a chasg bho gheamaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile