Comhairle do dh'Uibhistich - "sgiùrsaibh geòidh"

Cathain Image copyright Les Hull/Geograph

Tha Stòras Uibhist ag iarraidh air muinntir an àite iad fhèin feuchainn ri ruaig a chur air na geòidh agus dragh ann nach tig an còrr airgid bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH).

Sguir an taic-airgid a bha ann as t-Earrach, agus tha an t-uachdaran coimhearsnachd ag ràdh gu bheil na geòidh nan trioblaid cho mòr 's a bha iad riamh.

"Tha na h-àireamhan cho buileach fhèin àrd againn a-niste," thuirt Iar-Chathraiche Storas Uibhist, Sarah NicEachainn.

"Bha an taic a bha SNH a' toirt seachad gu feum, ach chan eil fhios agam an robh e a' dèanamh uimhir 's a dh'iarradh tu.

Bodaich Ròcais

"Bha na geòidh fhathast nan trioblaid.

"Ach bha e na b' fheàrr na a bhith gun sian. Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an rud as cudromaiche againn, gun robh an taic-airgid a' leigeil le daoine a bhith air am pàigheadh airson a dhol a-mach agus a bhith a' sgiùrsadh nan gèadh far a' mhachaire aig diofar amannan den là.

"Fiù 's ged nach biodh iad ach a' pàigheadh airson connadh is peilearan is rudan den t-seòrsa sin.

"Ach thuigear cuideachd nuair a bha iad ga dhèanamh nach robh iad ach a' tilleadh, 's gum feumadh tu cumail ort leis an rud a bh' ann.

"Chan eil fhios agam a bheil e nas miosa (bho sguir taic-airgid SNH) ach gu dearbha chan eil e nas fheàrr.

"Tha iad fhathast a' leagail an arbhair. Tha iad a' gànrachadh a' mhachaire cuideachd - ma tha daoine a' dèanamh saidhleid is an leithid sin tha e gu math doirbh dhaibh air sàilleabh bidh sin a' milleadh an rud a bhios na fhodair air a' Gheamhradh dha na beathaichean," thuirt i.

Itealagan

Tha an t-uachdaran coimhearsnachd a-niste ag iarraidh gun dèan muinntir Uibhist fhèin rudan gus ruaig a chur air na geòidh.

"Tha mi a' smaointinn gur e an rud a th' ann, an rud a bhathar a' dèanamh co-dhiù, gu math tric bha na croitearan iad fhèin a' cur ris na bhathar a' feuchainn ri dhèanamh," thuirt Ms NicEachainn.

"Iad fhèin a' dol a-mach 's a' feuchainn ris na geòidh a sgiùrsadh. 'S dòcha ga obair nam bailtean, ag obair còmhla ri chèile anns na bailtean airson co-dhiù 's e prògram obrachadh a-mach far am biodh diofar dhaoine a' dol a-mach aig diofar amannan airson toirt air na geòidh èirigh far a' mhachaire.

"Cuideachd dìreach na rudan a bhathar a' dèanamh o shean. A' cur suas bodaich ròcais is rudan den t-seòrsa sin.

"Tha itealagan is rudan mar sin - bha SNH a' cur taic ri sin roimhe seo.

"Ach thug iad an aire gu math luath gum feumadh tu a bhith a' gluasad sin, 's nam fàgadh tu anns an aon àite iad gun robh na geòidh a' fàs cleachdte riutha 's bha iad a' tighinn a-nuas co-dhiù ge b' oil leat.

"Tha diofar rudan ann, agus tha mi a' smaointinn ma tha stiùireadh sam bith a dhìth air daoine, ma chuireas iad fios air oifis Stòrais, no fiù 's gu SNH fhèin," thuirt i.